Tha Comhairle Earra-Ghà idheal is Bhòid air aontachadh taic-airgid luach £20,000 a thoirt do dh’Fhèisean nan Gà idheal, a’ bhuidheann a tha a’ toirt taic do agus a’ cur chothroman ionnsachaidh air dòigh airson ceòl traidiseanta, seinn Ghà idhlig agus drà ma Gà idhlig. Leis an taic bhon Chomhairle, ’s urrainn do dh’Fhèisean nan Gà idheal maoineachadh a bharrachd a thoirt a-steach; mar thoradh air gach £1 de thaic a bheir a’ Chomhairle seachad, thèid £5.40 a chosg air seirbheisean Gà idhlig san sgìre.